Is mise Eòsaph agus….

Is mise Eòsaph agus ’s e Diardaoin, an 26mh den Ghearran, a th’ ann, agus tha mi trang. Tha mi ag iarraidh videoclips agus sgeulachdan a dhèanamh, ach chan eil fhios agam dè nì mi.

Tha tòrr bheachdan agam. Feumaidh mi barrachd a sgrìobhadh cuideachd. Tha mi ag obair agus tha mi a’ dèanamh sgrùdaidh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus is toil leam còcaireachd.

Is toil leam leughadh, ionnsachadh agus èisteachd ri ceòl.

Faclan

a dhèanamh – to do / to make
a th’ ann – it is
ach – but
ag obair – working
ag iarraidh – wanting
agus – and
An Gearran – February
an 26mh – the 26th
barrachd – more
beachd – idea
beachdan – ideas
ceòl – music
chan eil fhios agam – I don’t know
còcaireachd – cooking
cuideachd – also
dè nì mi – what I will do
den Ghearran – of February
Diardaoin – Thursday
èisteachd ri – to listen to
Eòsaph – Joseph
feumaidh mi – I need / I must
fios – knowledge / information
ionnsachadh – learning / studying
is mise – I am
is toil leam – I like
leughadh – reading
Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean – University of the Highlands and Islands
sgeulachd – story
sgeulachdan – stories
sgrìobhadh – writing / to write
tha mi – I am
tòrr – a lot / many
videoclips – video clips


Discover more from Fàilte oirbh don taigh-solais

Subscribe to get the latest posts sent to your email.

Leave a Reply